︎

News    Work     About    Contact    Shop       


Loire et Loges:

Co-fharpais eadar-nàiseanta, 1d àite.

English

Tha am fasgadh na shuidhe air bruachan àlainn na h-aibhne Loire anns a’ bhaile Chouze-sur-Loire, san Fhraing. Bho bhruach na h-aibhne sreathaichte le craobhan, tha an structar suidhichte gus aon de na h-iomadh seallaidhean greadhnach thairis an uisge a ghlacadh. Leigidh an aghaidh-thogalaich fa chomhair a’ chas-cheuma solas dìreach a-steach bho os a chionn, fhad ‘s a tha e a’ tabhainn beagan dòrramanachd bhon frith-rathad, air a chleachdadh gu tric.

Gabhaidh an structar, air a chòmhdachadh ann am bòrd-snàithleach saimeant, a thoirt às a chèile, a’ ceadachadh an fhasgaidh a bhith air a chur mu seach ann aon de na sabhalan aig na fìon-liosan ionadail tro mhìosan a’ Gheamhraidh, mus tig e an uachdar a-rithist gus toiseach fèis fhìon bhliadhnail na sgìre a chomharrachadh an samhradh a leanas. Tha an ràitheileachd seo a’ toirt iomraidh air an cleachdadh samhraidh tradiseanta de fhasgaidhean luchd-togail nam fìon-dhearcan, no 'Loge de Vigne’. Tha meud nam panailean stèidhichte le cuingead an stutha-thogalach, mar thoradh tha 3 mòidealan tairis air faid an structair. Tha an dà thulchann co-dhèanta de dàimhealachd soladach gu fànas calg-dhìreach an aghaidh a chèile, co-thorrach den rùn spàsail agus structarail.



SC569889 BAILLIE BAILLIE ARCHITECTURE LTD