︎

News    Work     About    Contact    Shop       


English

Mar Deidhinn
Tha sinn nar dealbhaichean farraideach agus rianail. Bho àirneis gu togalaichean bailteil, cuiridh sinn gu feum an aon phròiseas de cheasnachadh cùramach, chòmhradh agus ghrinneas. Gabhaidh sinn os làimh obair ann an àitichean iomallach, bailtean-beaga dùthchail, bailtean agus cathair-bhailtean air feadh Alba. Tha farsaingeachd de dh’eòlas phròiseict againn, agus ealantas sònraichte ann am pròiseactan còmhnaidheach.

Ar n-Obair
Tha dearbh-aithne agus caractar aig gach àite, agus bidh sinn an-còmhnaidh a’ smaoineachadh air togail rudan ùra mar phròiseas de chur ris na tha ann mar-thà. Còrdaidh sinn bòidheachd ann an rudan làitheil agus feuchaidh sinn ri luach a chur tror n-aire air na nithean mionaideach seach gluasadan annasach. ’S e tasgadh san àm ri teachd a th’ ann an togail, tuigidh sinn gur iad togalaichean so-sheasmhach an fheadhainn anns am bi luach agus cùram gan cur le ginealaichean ri thighinn. Rannsachaidh sinn gu sùrdail stuthan-togalach agus ro-innleachdan prataigeach, maireannach agus cosg-èifeachdach. Tha gach pròiseact na chothrom rudeigin buan agus luachmhor a chruthachadh.

Ciamar a chuideachas sinn?
Bidh na barantasan againn uile a’ tòiseachadh le còmhraidhean, mar sin, ma tha beachd agaibh a bu mhath leibh bruidhinn rinn mu dheidhinn, bhiomaid toilichte comhairle chàirdeil a thoirt seachad, na ceistean cudromach aithneachadh, agus na pròiseasan a mhìneachadh gus am pròiseact agaibh a  ghluasad air adhart . 




Coileanaidhean:
2014 - Loire et Loges Co-fharpais Eadar-nàiseanta; 1d Àite.
2014 - Ainmeachadh Bonn nan Ceann-suidhe RIBA. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2014 - Ainmeachadh RIAS Duais Rowand Anderson: Oileanach as fheàrr. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2014 - A+DS agus RIAS Taisbeanadh Duaisean nan Oileanach. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2013 - Co-fharpaisean Ailtirean Òga : Post Quake Visions; Crìochaiche air a' ghearr-liosta.
2013 - A+DS agus RIAS Taisbeanadh Duaisean nan Oileanach. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2012 - Building Trust International: Co-fharpais HOME; 2na Àite, Iomradh Onarach.
2012 - Sgoileireachd Alexander Thomson; 2na Àite, Àrd-mholadh.
2012 - Duais Sgrìobhaidh Comharraichte. [Màrtainn Mac a’ Bhàillidh]
2012 - Ainmeachadh Bonn nan Ceann-suidhe RIBA. [Màrtainn Mac a’ Bhàillidh]
2011 - A+DS agus RIAS Taisbeanadh Duaisean nan Oileanach. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2010 - Co-fharpais Pàillean còmhlain Pàirc na Bànrighe; Crìochaiche air a' ghearr-liosta.

Com-pàirtichean:
Megan Nic a’ Bhàillidh
Teàrlach Raitear
Ros Aitchison


SC569889 BAILLIE BAILLIE ARCHITECTURE LTD