︎

News    Work     About    Contact    Shop       


English

‘S e stiùideo ailtireachd stèidhichte ann an Glaschu a th’ ann am Baillie Baillie Architects ag obair air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.

Bidh an dòigh obrach againn a’ co-cheangal leasachaidh meòraichte de gach pròiseact le fòcas air tuigsinn agus freagairt do choir chugallach suidheachaidhean dùthchail is bailteil. Obraichidh sinn ann an dòigh rianail le dealbhan-tarraing agus modailean gus toglaichean, seòmraichean agus spàsan a chruthachadh ‘s iad a’ riochdachadh aon-fhillteachd, caractair agus làthaireachd corporra. Bhon phròiseas seo bunaichidh sinn toraidhean gun dùil agus iongantach a chuireas luach ris, agus a tha freumhaichte gu domhain anns an suidheachaidhean. Tha ùidh againn anns an eaconomaidh de thogail, siridh sinn gu sùrdail a bhith a’ cur an cèill stutha-thogalach agus ro-innleachdan thogalach a tha prataigeach agus cosg-èifeachdach.

Mar phractas tha eòlas farsaing againn, ‘s sinne air pròiseactan a lìbhrigeadh aig diofar meudan, bho àitichean-fuirich bheaga phrìobhaideach agus ath-uidheamachadh de sheann thogalaichean gu pròiseactan mòra coimeirsealta agus cùram-slàinte air an solair gu poblach, pròiseactan cultarach agus foghlaim. Bheir sinn beartas de dh’eòlas air lìbhrigeadh pròiseict co-mheasgaichte le ar dìorras gus a h-uile pròiseact againn a rannsachadh gu mionaideach.




Coileanaidhean:
2014 - Loire et Loges Co-fharpais Eadar-nàiseanta; 1d Àite.
2014 - Ainmeachadh Bonn nan Ceann-suidhe RIBA. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2014 - Ainmeachadh RIAS Duais Rowand Anderson: Oileanach as fheàrr. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2014 - A+DS agus RIAS Taisbeanadh Duaisean nan Oileanach. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2013 - Co-fharpaisean Ailtirean Òga : Post Quake Visions; Crìochaiche air a' ghearr-liosta.
2013 - A+DS agus RIAS Taisbeanadh Duaisean nan Oileanach. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2012 - Building Trust International: Co-fharpais HOME; 2na Àite, Iomradh Onarach.
2012 - Sgoileireachd Alexander Thomson; 2na Àite, Àrd-mholadh.
2012 - Duais Sgrìobhaidh Comharraichte. [Màrtainn Mac a’ Bhàillidh]
2012 - Ainmeachadh Bonn nan Ceann-suidhe RIBA. [Màrtainn Mac a’ Bhàillidh]
2011 - A+DS agus RIAS Taisbeanadh Duaisean nan Oileanach. [Cailean Mac a’ Bhàillidh]
2010 - Co-fharpais Pàillean còmhlain Pàirc na Bànrighe; Crìochaiche air a' ghearr-liosta.

Com-pàirtichean:
Megan Mac a’ Bhàillidh
Teàrlach Raitear
Ros Aitchison
SC569889 BAILLIE BAILLIE ARCHITECTURE LTD