︎

News    Work     About    Contact    Shop       


Taigh aig Rathad Marchbank, Obar Dheathain

Taigh prìobhaideach.

English

Tha na taighean leth-dhealaichte air Rathad Marchbank air an suidhichte ann an dòigh annasach, na cùiltean aca ris an rathad agus a’ coimhead a-mach air North Deeside Road no far a bheil an làrach seo, air sean loidhne rèile gu deas. Mar thoradh air seo ‘s e sreath-leanmhainn inntrigidh car cùl air bheul a th’ aig na taighean. An-seo chaidh leudachadh taighe aon-ùrlarach agus garaids a thoirt air falbh agus structar dà-ùrlarach susbainteach a chur nan àite, a chuireas an cèill sealladh-aghaidh ùr fa choinneamh na sràide.

Tha am plana air an L-chumadh den taighe tùsail sgàthanaichte san togalach leudachaidh ùr, a’ cruthachadh cùirt-liosa a shoilleiricheas an t-slighe a-steach agus a dh’fhigheas na seòmraichean poblach ri chèile. Air na h-ìrean gu h-àrd, cruthaichidh sreath de dh’uinneagan agus de dh’uinneagan mhullaich, air an suidheachadh gu cùramach, spàsan làn sholais, agus le seallaidhean frèamte a-mach air na craobhan inbheach mun chuairt. Air an taobh a-muigh tha uinneagan a’ suidhe co-rèidh le bòrdadh tiomar inghearach air a pheantadh gu dorcha, a’ toirt seachad beachd de chraiceann dìonach, a’ co-chontrarrach ri cuideam agus tàbhachd den thogalach chloiche-gràin tradaiseanta ri a thaobh.





SC569889 BAILLIE BAILLIE ARCHITECTURE LTD