︎

News    Work     About    Contact    Shop       


Còig Taigh ean-barraide

Cair Ceann Tulaich
English


‘S e barraid de chòig taighean a tha fa-near air làrach talla dìnnearach sgoile a chaidh a thogail anns na 1960s ach a-nist air a dhìteadh. Tha suidheachadh sràid na làraich mar a tha e, eu-coltach ris an sgìre mun chuairt air, briste agus neo-thàthach. Cruthaichidh an tairgse dhealbhachaidh againn barraid rianail, mu choinneamh na sràide a ath-stéidhicheas oir bhailteil dheimhinneach.

Bheir an cànan ailtearachd brìgh fa leth do gach togalach, fhad ‘s a ghlèidhear ciall oibseact sìolaichte. ‘S ann a chuireas similearan domhain cuideam air leughadh an togalaich mar aon, a’ cur ri truimead agus grunndail an oisein. Tro mheudachd, cho-rèir agus chànan cruth-ealaine, tha a’ bharraid a’ dèanamh iomradh air cuid de na feartan bho bhothain bhreabadair thradaiseanta agus ràghan flataichean colonaidh a tha nan gnè chunbhalach den raon-glèidhteachais mheadhan Chathair Ceann Tulaich.

Tha na prìomh sheòmraichean suidhichte air a’ chiad ùrlar, a’ coimhead a-mach air rèidhlean. Tha dà sheòmar chadail aig gach taigh, is an dà dhuibh le for-uinneag bheag no uchdan mhullaich air taobh an gàrraidh gu deas. Tha garaidsean an lùib a’ bhun-ùrlair, a’ freastal àite-pàircidh agus àite-stòraidh rothairean air làrach dùbhlanach cuingealaichte.






SC569889 BAILLIE BAILLIE ARCHITECTURE LTD